Aig deasbad sa Phàrlamaid a’ comharrachadh 10 bliadhna de BhBC ALBA a-màireach (Diciadain), canaidh BPA a’ Phartaidh Nàiseanta Alasdair Allan gum bu chòir am BBC a bhith “a’ cur barrachd taic ri craoladh Gàidhlig le bhith a’ roinn goireasan agus maoin ann an dòigh nas cothromaiche eadar dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte.”

Tha prògraman mar Eòrpa, an t-sreath chùisean làitheil air BBC ALBA a choisinn BAFTA an-uiridh, a’ tarraing a-staigh daoine le Gàidhlig agus daoine gun Ghàidhlig dhan t-seanail – a’ sealltainn mar a tha BBC ALBA air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ libhrigeadh seirbheis dha Alba gu lèir, chan ann a-mhàin do choimhearsnachd nam mion-chànain.

‘S e co-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA a th’ann am BBC ALBA, agus tha MG ALBA a’ faighinn £12.8m mar thabhartas bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna agus cnapan airgid a bharrachd bho àm gu àm.

Le dìreach 55% de airgead Cead-chraolaidh a’ BhBC bho Alba a’ tilleadh a dh’Alba ann an 2015/16, an coimeas ri 95% a’ dol air ais dhan Chuimrigh agus 74% a’ dol air ais a dh’Èirinn a Tuath - tha MG ALBA a-cheana air iarraidh air a’ BhBC taic-airgid a bharrachd a chuir dhan t-seanail Gàidhlig gus 10 uairean a thìde de phrògraman ùra a mhaoineachadh gach seachdain, coltach ri S4C sa Chuimrigh.

Thuirt BPA Alasdair Allan:

“A bharrachd air a bhith a’ libhrigeadh seirbheis phoblach air leth do Ghàidheil, nan cànan fhèin – tha BBC ALBA cuideachd air inbhe a’ chànain agus a’ chultar a thogail gu mòr air feadh na dùthcha anns an deich bliadhna a dh’fhalbh, agus tha sin prìseil.

“Gu h-eachdraidheil, thug telebhisean buille chruaidh don Ghàidhlig, cuide ri leasachaidhean eile mar Achd Foghlaim na h-Alba 1872. Ge-tà, ann an 2018, tha BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal a’ cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh a’ chànain.

“Chan eil teagamh ann gu feum am BBC fada a bharrachd airgead a thoirt do phrògraman Albannach san fharsaingeachd, agus bu chòir BBC ALBA a bhith a’ faighinn buannachd às a sin.

“Cumaidh sinne oirnne aig a’ Phartaidh Nàiseanta ann a bhith a’ cur impidh air a’ BhBC gus barrachd taic a thoirt do chraoladh Gàidhlig le bhith a’ roinn goireasan agus maoin ann an dòigh nas cothromaiche eadar dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte, gus cothroman nas fheàrr a thoirt do BhBC ALBA togail air an obair ionmholta a tha iad air a bhith a’ dèanamh thar na 10 bliadhna a dh’fhalbh.”

Twitter latest

Survey

Your voice is important to us
- tell us what you think.

Complete Alasdair's survey

Newsletter

Subscribe to Alasdair's mailing list

By ticking this box you confirm you would like to receive updates from Alasdair Allan MSP by

You can change your mind at any time by clicking the unsubscribe link in the footer of any email you receive from us, or by contacting us at alasdair.allan.msp@parliament.scot. We will treat your information with respect. For more information about our privacy practices please visit our website. By clicking below, you agree that we may process your information in accordance with these terms.

We use MailChimp as our marketing automation platform. By clicking below to submit this form, you acknowledge that the information you provide will be transferred to MailChimp for processing in accordance with their Privacy Policy and Terms.